
Lothairgil agus Ramasaig
Seumas Dòmhnallach a' rannsachadh dàimh dhaoine ri seann bhailtean an Eilein Sgitheanaich. James MacDonald explores families' ties to deserted villages on the Isle of Skye.
Tha Seumas Dòmhnallach a’ tadhal air pàirt eile den Eilean Sgitheanach sa chòigeamh prògram, an turas seo sgìre Ghleann Dail a choinneachadh feadhainn a tha eòlach air dà sheann bhaile, Lothairgil agus Ramasaig.
Chuir Murchadh Dòmhnallach, a rugadh ‘s a thogadh ann an Gleann Dail, ùine seachad anns na bailtean sin na chìobaire. Tha e ag innse do Sheumas cò ris a tha na h-àitichean iomallach seo coltach san là a th' ann agus cò ris a bhiodh iad air a bhith coltach mus deach na daoine am fuadach.
Tha Seumas cuideachd a’ bruidhinn ri cìobaire eile, Ruaraidh MacLeòid a chuir greis seachad a’ fuireach agus ag obair ann an Lothairgil agus cuideachd, Peadair MacAsgaill a tha air a bhith a’ ruith thaighean-tasgaidh anns an sgìre fad iomadach bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Tue 21 Dec 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 21 Dec 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Boxing Day 202110:00BBC Radio nan Gàidheal
