
14/12/2021
Tha deich bliadhna fichead bho chaidh an t-Aonadh Sobhietach ma sgaoil. We examine the thirtieth anniversary of the dissolution of the Soviet Union.
Thèid ceann-suidhe ùr a thaghadh san Fhraing as t-earrach. Tha Emmanuel Macron air a bhith san obair bho 2017, ach tha am pàrtaidh poblachdach (Les Républicains) air Valérie Pécresse a thaghadh airson seasamh na aghaidh ‘s iad gu math dòchasach gun dèan i a' chùis air. Ach cò i Valèrie Pècresse? Bheir an tè-naidheachd Anna NicLeòid dhuinn a h-eachdraidh.
Tha deich bliadhna fichead air Là na Nollaige bho chaidh an t-Aonadh Sobhietach ma sgaoil. An e call no buannachd a bh' ann dhan Ruis agus na dùtchannan a fhuair neo-eisimeileachd?
Agus cluinnidh sinn bho Aonghas Pàdraig Caimbeul gur ann air an t-seachdain seo ann a 1775 a rugadh an sgrìobhaiche Jane Austen agus cuideachd gur an air an t-seachdain seo ann a 1989 a chaochail Ewan Bain a chruthaich an caractar Angus Òg.
Last on
Music Played
![]()
She & Him
Christmas Day
- A Very She And Him Christmas.
- Domino.
- 2.
Broadcasts
- Tue 14 Dec 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 14 Dec 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
