
15/12/2021
Carson a tha e cudromach an treas banachdach fhaighinn? Why is a third covid vaccination necessary?
Mìnichidh Dùghlas Moireasdan, Rannsaiche Saidheans aig Oilthigh Ghlaschu, carson a tha e cudromach do dhaoine an treas banachdach fhaighinn.
Bhathas a' comharrachadh Là Ùir na Cruinne aig tòiseach na mìos airson aire dhaoine a tharraing gu cho deatamach 's a tha e ùir a dhìon airson maitheas na h-àrainneachd. Cluinnidh sinn bho Iain MacAmhlaigh cho riatanach 's a tha ùir airson cur, a' biathadh 's a' fàs, agus a' stòradh leithid uisge agus carbon.
Tha eachdraidh-beatha seinneadair ainmeil à Obar Dheathain a-nis ri fhaighinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Bhuineadh Jeannie NicDhonnchaidh do theaghlach luchd-siubhail. Bha Dolina NicIllInnein gu math eòlach air Jeannie agus i còmhla ri air àrd-ùrlar.
Thèid Duais BBC Sports Personality of the Year 2021 a thoirt seachad beò air BBC1 Là na Sàbaid sa tighinn. Bheir ceathrar a tha gu math dèidheil air spòrs beachd air geàrr-liosta na bliadhna sa.
Last on
Broadcasts
- Wed 15 Dec 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 15 Dec 202121:00BBC Radio nan Gàidheal