
Seumas Dòmhnallach a' rannsachadh dàimh dhaoine ri seann bhailtean an Eilein Sgitheanaich. James MacDonald explores families' ties to deserted villages on the Isle of Skye.
Tha Seumas Dòmhnallach air a bhith a’ rannsachadh dàimh dhaoine ri seann bhailtean an Eilein Sgitheanaich agus anns an dàrna prògram san t-sreath seo tha e a’ dol gu ceann a tuath sgìre Thròndarnais gu ruige làrach baile eile, Feall. A’ seasamh am measg thobhtaichean an t-seann bhaile tha e doirbh gun a bhith a’ smaoineachadh air cò na daoine a bha an seo aig aon àm, cò ris a bha am beatha coltach agus dè a thachair dhaibh.
Tha Seumas a' dol air chuairt gu ruige Feall còmhla ri tè a tha eòlach air an àite agus air seanchas co-cheangailte ris. Tha dàimh làidir aig Calina Dhòmhnallach ris a' bhaile. Chaidh a cuideachd am fuadach às agus tha sgeulachdan tìomhaidh aice mun là a b’ fheudar dhaibh an teine a chur às agus an dachaigh fhàgail.
Last on
Broadcasts
- Tue 30 Nov 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 Nov 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Dec 202110:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 28 Dec 202208:30BBC Radio nan Gàidheal
