
23/11/2021
Cò ris a bha e coltach a bhith a' fuireach ann an Glaschu aig àm a' mhurtair Bible John? What was it like living in Glasgow at the time of the serial killer Bible John?
Tha còrr air leth-cheud bliadhna bho chualas an t-ainm Bible John an toiseach. B' e seo murtair a mharbh triùir bhoireannaich ann an Glaschu, a fhuair ainm leis gun tuirt fianais gum biodh e falbh dhannsan sa Bharrowland a' bruidhinn ri boireannaich agus ag aithris earrannan às a' Bhìoball. Cha deach a dhearbhadh a-riamh cò e. Chaidh a' chiad de dhà phrògram telebhisean ùr mu dheidhinn fhaicinn air BBC1 a-raoir, The Hunt for Bible John. Tha Coinneach a' còmhradh ri feadhainn a bha a' fuireach ann an Glaschu aig àm Bible John.
Tha am fear-naidheachd Seumas Dòmhnallach ag innse mun t-sreath ùr radio aige, Na Fàrdaichean Sguabta, far a bheil e a' rannsachadh fuadaichean an Eilein Sgitheanaich. Tha am prògram ri chluinntinn air BBC Radio nan Gàidheal an-diugh aig 1203f.
Cluinnidh sinn bho Aonghas Pàdraig Caimbeul mar a chaidh a' chiad tractar-peatrail a dhèanamh le Ameireaganach, John Froelich.
Last on
Music Played
![]()
Donnie Dotaman Macleod
Tractar
- Seinn Seo.
- Ceol Recordings.
- 1.
Broadcasts
- Tue 23 Nov 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 23 Nov 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
