
18/11/2021
Mar a chaidh co-labhairt COP26 aithris sna naidheachdan thall thairis. How was COP26 reported internationally?
Seach gu bheil COP26, Co-labhairt nan Dùthchannan Aonaichte air Athharrachadh na Gnàth-shìde, a-nise seachad 's an luchd-poilitigs air tilleadh air ais dha na dùthchannan aca fhèin, gheibh sinn beachd bho luchd-aithris BBC Radio nan Gàidheal a bha an làthair aig Ionad an SEC an Glaschu, air mar a chaidh e. Dè a chunnaic iad? Cò a chunnaic iad? Agus a bheil iad misneachail gun tèid na geallaidhean a chur an gnìomh?
An d'fhuair COP26 mòran àite an luib nam prìomh naidheachdan thall thairis? Na chuir COP26 Alba agus baile Ghlaschu air clàr an t-saoghail? Gheibh sinn beachdan eadar-dhealaichte à Astràilia, Ameireagaidh, A' Ghearmailt agus Nirribhidh.
Agus cluinnidh sinn dè a' bhuaidh a thug a' cho-labhairt air na daoine a bha a' fuireach air na sràidean ann an Ghlaschu a bha glaiste airson faisg air trì seachdainean.
Innsidh Murchadh Peutan dhuinn mu David Buick, innleadair ainmeil à Alba a chruthaich an carbad Buick am measg iomadh rud inntinneach eile.
Last on
Broadcasts
- Thu 18 Nov 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 18 Nov 202121:00BBC Radio nan Gàidheal