
05/10/2021 le Maureen NicLeòid
Mar a tha luchd-smàlaidh pàirt-ùine deatamach ann a sgìrean ionadail. Why part-time firefighters are critical in rural communities.
Cluinnidh sinn mar a tha cuid de sgìrean ionadail ann an Alba an urra ri luchd-smàlaidh pàirt-ùine gus dèiligeadh ri suidheachaidhean èiginneach. Às aonais an saothair a tha na buidheanan saor-thoileach seo a' dèanamh cha bhiodh cobhair ri fhaotainn cho luath agus bhiodh barrachd call anns na coimhearsnachdan beaga.
Tha am bogsair Manny Pacquiao, aig aos 42, a' leigeil dheth a dhreuchd. Sna 26 bliadhna a tha e air a bhith a' sàs san spòrs thog e 12 de phrìomh tiotalan an t-saoghail. Tha cuid den bheachd gur e aon de na bogsairean as fheàrr a-riamh. Bheir an t-eòlaiche-bogsaidh, Iain Aonghas Dòmhnallach, eachdraidh beatha a' bhogsair dhuinn; an dileab a dh' fhag e agus mar a tha e a-nise gu mòr a' sàs ann am poileataigs Poblachd nan Eilean Filipineach.
Agus innsidh Aonghas Pàdraig Caimbeul dhuinn gur ann air an t-seachdain seo ann a 1694 a rugadh am Morair Deòrsa Moireach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 5 Oct 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Oct 202121:00BBC Radio nan Gàidheal