
16/09/21
Beachd air film ùr, Schumacher, a tha ri fhaicinn air Netflix. A view on the new film, Schumacher, which can be seen on Netflix.
Tha muinntir Chanada a’ bhòtadh airson pàrlamaid ùr Diluain sa tighinn agus Justin Trudeau air taghadh a ghairm. Gheibh sinn beachdan bho dhithis san dùthaich air ciamar a tha iad am beachd a thèid dha.
Tha fiolm ùr air nochdadh air Netflix, Schumacher, mun t-sàr fhear-rèisidh Mìcheal Schumacher. Tha e a’ sealltainn a bheatha thràth, a chùrsa-beatha ann an rèiseadh chàraichean agus mar a dhèilig a theaghlach leis a thubaist sgìtheadh. Thug Naomi Bochanan agus Dòmhnall Macleòid, a tha le chèile gu math dèdheil air rèiseadh Formula 1, sùil air.
Tha grunn sgeulachdan air nochdadh bho chionn ghoirid mu bheathaichean-mara a bh’ air am faicinn ann an uisgeachan far nach b’ àbhaist. Tha an t-eòlaiche air
beathaichean-mara, Eoghainn MacCoinnich, ag innse carson a bhios a leithid a’ tachairt.
Agus a’ toirt sgrìob dhan tasglann, tha Coinneach air ais aig Fèill Adhar Feachd an Adhar, fèill a bhathas a' cumail aig Leuchars gach bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Thu 16 Sep 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 16 Sep 202121:00BBC Radio nan Gàidheal