
14/09/21
Naidheachdan teicneòlais le Dòmhnall Dòmhnallach. Technology news with Donald Macdonald.
Ann an agallamh a chaidh fhoillseachadh sa phàipear-naidheachd The Inverness Courier, chaidh innse gun tuirt ceannard ùr Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an t-Ollamh Todd Walker, gu robh làithean nan 'cùrsaichean faoin' aig UHI seachad. Tha seo air fearg a chur air mòran agus tha an t-Ollamh Walker air leisgeul dhaoine iarraidh. Gheibh Coinneach beachd air na chaidh a ràdh san agallamh.
Tha Dòmhnall Dòmhnallach a' toirt dhuinn na naidheachdan teicneòlais as ùire.
Tha Maureen NicLeòid a' beachdachadh air prògram Panorama a chaidh fhaicinn a-raoir air BBC1. Anns a' phrògram chualas mu fhianais a tha a' ceangal companaidh tombaca ri seann Phrìomh Mhinistear Zimbabwe, Robert Mugabe.
Agus tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' coimhead air na thachair an t-seachdain sa ann an eachdraidh. Tha e a' tilleadh gu 1640 nuair a bhàsaich a' chiad Iarla Shruighlea, Uilleam Alexander.
Last on
Broadcasts
- Tue 14 Sep 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 14 Sep 202121:00BBC Radio nan Gàidheal