
Sgeulachdan luchd-eaglais às an tasglann
Chuir an Canan Calum MacNèill fir Uibhist a dhannsa, na Barraich chun na clàrsaich agus chruthaich e comann airson eich Èirisgeidh. The many talents of Canon Calum MacNeil.
Chuir e fir Uibhist gu dannsa, thug e ceòl na clàrsaich gu muinntir Bharraigh agus rinn e sgeidseachan de na h-Eirisgich an àite gath a chur unnta - cuid de na rudan a rinn Mgr Calum MacNèill a bharrachd air a bhith na shagart sna paraistean sin.
Ann an 2003 nuair a bha Angela NicFhionghuin an sàs ann am pròiseact a’ comharrachadh ceud bliadhna de dh‘ Eaglais Èirisgeidh thadhail i ann an Onich airson agallamh mun eaglais a chlàradh còmhla ri Mgr Calum MacNèill neo an Canan Calum MacNèill. Seach gun robh i air an turas a dhèanamh ghabh i an cothrom clàradh nas fhaide a dhèanamh cuide ri Mgr Calum a' là sin mu bheatha agus tha i taingeil gun do rinn i sin oir bhàsaich Mgr Calum air an latha mu dheireadh den bhliadhna sin.
Anns a' phrògram seo cluinnidh sibh an còmhradh a bh’ aca far a bheil Mgr Calum a’ cuimhneachadh air cuid de na paraistean air a robh e a’ frithealadh nuair a bha e na shagart. Cluinnidh sinn cuideachd mu na comasan eile a bh’ aige a bharrachd air a bhith a’ searmonachadh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 20 Apr 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 20 Apr 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Apr 202110:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Aug 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Aug 202321:00BBC Radio nan Gàidheal
