
Sgeulachdan luchd-eaglais às an tasglann
Buachaille a bha air leth trang mar mhinistear, bhàrd, sgrìobhaiche is eadar-theangadair - an t-Urr Ruairidh Dòmhnallach. Rev Roddy MacDonald, preacher, writer, poet and translator
B‘ ann à Uibhist a Tuath a bha Mgr Dòmhnallach. Bha ceanglaichean aige cuideachd ri Beàrnaraigh na Hearadh agus chuir e seachad iomadach bliadhna de bheatha, na òige agus sa mhinistrealachd, ann an Eilean Leòdhais.
A bharrachd air a bhith na mhinistear air coitheanalan Eaglais Chaluim Chille ann an Steòrnabhagh agus an Eaglais na Paraiste ann an sgìre nan Innis ann a Siorrachd Obar Dheathain, bha Mgr Dòmhnallach cuideachd aithnichte mar bhàrd. Chaidh urram Bàrd a‘ Chomainn a bhuileachadh air aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1977. Bha e cuideachd na sgrìobhaiche agus na eadar-theangadair 's thug e mach grunn leabhraichean leithid Leth-cheud Bliadhna, Tràoghadh is Lìonadh, Laoidhean Molaidh, Seinn an Duan Seo agus rinn e eadar-theangachadh air ceud òran le Raibeart Burns. Bhiodh e cuideachd a‘ sgrìobhadh airson Na Duilleagan Gàidhlig ann an iris na h-eaglaise agus bidh cuimhne agaibh cuideachd air a‘ cholbh 'Ruairidh Eile' ann an Gasaet Steòrnabhaigh.
A seo cluinnidh sinn an còmhradh a bh‘ aige ri Mairead NicIllinnein ann an 1990 agus tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek cuideachd a’ cuimhneachadh air Mgr Dòmhnallach agus ag innse mun eòlas a chuir e air fhèin agus air a bhardachd.
Last on
Broadcasts
- Tue 13 Apr 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 13 Apr 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Apr 202110:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Aug 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Jul 202321:00BBC Radio nan Gàidheal
