
An t-Urr Murchadh A MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach
Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Snizort Free Church (Continuing).
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 62: 5-6 air fonn Torwood agus ‘s e Dòmhnall A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Salm 103: 5-7 air fonn Coleshill agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Chaoil, sa Ghearasdan.
Leughadh: Salm 78: 1-20
Ceann-teagaisg: Salm 78: 19
Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Oib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pàirce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.
Last on
Broadcasts
- Sun 10 Jan 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Jan 202115:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Aug 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Aug 202115:00BBC Radio nan Gàidheal