
An Dr Urr Ruairidh MacLeòid
Seirbheis bliadhn' ùire còmhla ris an Dr Urr Ruairidh MacLeòid bho 2010. Rev Dr Roddy MacLeod from the Church of Scotland conducts a new year service from 2010.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 100 : 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal an Òib aig Eaglais na h-Alba.
Salm 107: 7-8 air fonn Coleshill agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 122: 6-9 air fonn New Cambridge agus ‘s e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn.
Leughadh : Iosua 1: 1-7
Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig aig an eaglais. Mar chur seachad bha uidh mhòr aige ann a bhith a’ cluich teanas-bùird.
Last on
Broadcasts
- Sun 3 Jan 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 2 Jan 202221:00BBC Radio nan Gàidheal