
Leugh Sinn an Leabhar
Sùil air ais air 20 bliadhna de litreachas ann an Alba còmhla ri Marc Wringe.
Mark Wringe looks back at the past 20 years in the world of Scottish and Gaelic literature.
Na bu tràithe am-bliadhna, thàinig Leugh an Leabhar, prògram leabhraichean Radio nan Gàidheal, gu crìch às dèidh 20 bliadhna.
Ach chan eil an sgeulachd buileach air a thighinn gu ceann; thairis air an uair a thìde seo, bidh am preseantair, Marc Wringe, a’ coimhead air ais air a bhliadhnachan an ceann a’ phrògram agus air an iomadh atharrachadh a tha air tachairt ann an saoghal litreachais na h-Alba agus gu seachd àraid litreachas na Gàidhlig thairis air an ùine seo.
Na chuideachd, bidh cuid de charaidean dìleas Leugh an Leabhar a th’ air nochdadh gu tric is minic air a’ phrògram bhon a chaidh e air an àidhear an toiseach.
Thigibh còmhla ri Marc agus a chompanaich airson sealladh beòthail, farsaing air sgeulachd a tha fhathast a’ leantainn...
Last on
Broadcasts
- Wed 30 Dec 202013:00BBC Radio nan Gàidheal
- New Year's Day 202117:00BBC Radio nan Gàidheal