Main content
Sorry, this episode is not currently available

...na Seann Ghreugaich air call aig Salamis?

Dè nan robh na Seann Ghreugaich air na cogaidhean an aghaidh Persia a chall ann an 480 BC? What if the Ancient Greeks had lost the Persian Wars at the Battle of Salamis, in 480 BC?

Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a’ tomhas nan rathaidean eile a dh’ fhaodadh eachdraidh a bhith air a ghabhail anns an t-sreath ùr seo le cèist eadar-dhealaichte aige dha fhaighneachd gach seachdain. An t-seachdain sa: dè nan robh blàr o chionn 2500 bliadhna air a dhol an taobh eile?

Ann an 480 BC bha ìmpireachd Phersia a’ feuchainn ris a’ Ghrèig a’ smachdachadh. Aig an àm, b’ i Persia a’ rìoghachd a bu mhotha air thalamh – agus bha amasan aice sgaoileadh air feadh na Roinn Eòrpa agus Àisia.

Bha barrachd shaighdearan, barrachd airgid, barrachd shoithichean, agus barrachd cinnt aig na Pèirsich. Ach aig muir, ann am Blàr Shalamis, sgrios na Greugaich cabhlach cogaidh nam Pèirseach. Chuir sin às do dh’amasan nam Pèirseach, agus dhùisg e linn òr nan Seann Ghrèugach – a thug dhuinn feallsanachd, deamocrasaidh, agus tomhais dhar briathrachas an-diugh cuideachd.

Ach, dè nan robh Blàr Shalamis air a dhol an toabh eile? Dè nan robh na Pèirsich air soirbheachadh. Cò ris a bhiodh ar saoghal coltach, gun Linn Òr na h-Àithne, neo Aristotle?

Còmhla ri criomagan naidheachd a tha a’ toirt beò seann eachdraidh dhuinn, tha Màiri NicLeòid agus Dòmhnall MacLeòid a’ freagairt nan ceist sin – agus a’ fosgladh ar sùilean gu cho faisg is a thàinig ar saoghal bho bhith uile-gu-lèir eadar-dhealaichte.

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 10 Nov 202012:00
  • Tue 10 Nov 202022:00
  • Sun 15 Nov 202010:00
  • Tue 29 Dec 202008:30
  • Mon 18 Apr 202215:30
  • Wed 20 Apr 202220:00
  • Sun 24 Apr 202210:00