
…na Seumasaich air buannachadh ann an 1746?
Ann an 1746, chaill na Seumasaich Blàr Chùil Lodair. Ach dè nan robh iad air buannachadh? In 1746, the Jacobites lost the Battle of Culloden. But what if they had won?
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a’ tomhas nan rathaidean eile a dh’ fhaodadh eachdraidh a bhith air a ghabhail anns an t-sreath ùr seo le cèist eadar-dhealaichte aige dha fhaighneachd gach seachdain.
Ann an 1745, dh’ èirich na Seumasaich an aghaidh rìgh Bhreatainn son an turas mu dheireadh. B’ ann air a’ Ghàidhealtachd a bha mòran dhen luchd-taic aca, agus lean arm Gàidhealach Teàrlach Òg Stiùbhart, a thàinig às a’ Fhraing airson an crùn a chosnadh dha athair. Bha iad airson na Stiùbhartaich a thilleadh gu cumhachd ann am Breatainn, is an Rìgh Deòrsa a chuir air ais dhan a’ Ghearmailt.
Ged a shoirbhich leotha an toiseach an Alba, agus ged a theab iad dèanamh air Lunnainn fhèin, cha deach leotha. Ann an 1746, air taobh-tha-muigh Inbhir Nis, chaill iad gu dona aig Blàr Chùil Lodair. Às dèidh sin, dh’ atharraich cor agus còirichean nan Gàidheal gu tur.
Ach dè nan robh Bliadhna Theàrlaich air a dhol le Teàrlach? Dè nan robh na Seumasaich air ruaig a chur air an arm rìoghail? Dè nan robh an iomairt, an ar-a-mach, agus am blàr air a dhol gu tur an taobh eile?
Cluinnidh sinn beachdan dhithis eòlaichean air cuin agus ciamar a dh’ fhaodadh an eachdraidh againn a bhith air atharrachadh: an t-Oll. Raghnall MacIlleDhuibh, agus Màiri Anna NicUalraig. Dè a tha iad fhèin a’ smaoineachadh a bhiodh air tachairt, nan robh na Seumasaich air codhunaidhean eile a dhèanamh, neo nan robh an t-arm dearg air mearachdan eile a dhèanamh?
Last on
Broadcasts
- Tue 27 Oct 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Oct 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Nov 202010:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 28 Dec 202008:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 11 Apr 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 Apr 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Apr 202210:00BBC Radio nan Gàidheal