
An Taistealaiche/The Far Traveller
An taistealaiche bu dàna anns na meadhan-aoisean. Documentary on the most intrepid woman traveller of the medieval world.
Neach-siubhail treun Lochlannach a thàinig bho fhreumhan iriosal agus a choisinn cliù dhi fhèin mar an taistealaiche bu dàna anns na meadhan-aoisean. Còig cheud bliadhna ro Cholumbus, chaidh Guðríður Þorbjarnardóttir, ogha tràill ann an Alba tarsainn a’ Chuain Shiair. Rugadh leanabh dhi, a’ chiad phàiste Eòrpach ann an Ceann a Tuath Ameireaga, agus rinn i turas fiù ’s chun a’ Bhatacain.
Tha An Taistealaiche a’ leantainn ann an ceumannan Guðríður a dh’fhalbh bhon Ghraonlainn gu Talamh an Èisg agus na b’ fhaide air falbh buileach.Tha am prògram aithriseach seo a’ toirt saoghal nam boireannach Lochlannach beò ann an dòigh mhionaideach. A’ tarraing ri chèile agallamhan sònraichte, ath-chleasachd agus teicneòlas aig an ìre as àirde.
Le spionnadh bho na làraichean arc-eòlach ùra – agus taic bho na seann làmh-sgrìobhainnean aithnichte mar na h-Uirsgeulan Innis Tìleach – ’s e sgeulachd a tha seo air nach eil mòran fios aig daoine a tha a’ dol air ais mìle bliadhna, an uair a bha na Lochlannaich a’ tadhal air àiteachan cèin.
A mighty Viking explorer rose from humble origins to become the most intrepid woman traveller of the medieval world. Some 500 years before Columbus, Guðríður Þorbjarnardóttir, the granddaughter of a slave in Scotland, crossed the Atlantic. She gave birth to the first European child in North America, and even made a pilgrimage to the Vatican.
The Far Traveller retraces Guðríður’s brave steps from Greenland to Newfoundland and beyond. Weaving together exclusive interviews, re-enactments and cutting-edge technology, the documentary brings the world of Viking women to life in vivid detail.
Inspired by the latest archaeological discoveries, and supported by ancient manuscripts known as the Icelandic Saga, this is a largely unknown story from more than 1000 years ago during the Vikings’ first encounters with faraway civilisations.
In Gaelic with English subtitles
Last on
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Narrator | Shona Henderson |
| Producer | Joanna Young |
| Executive Producer | Margaret Cameron |
| Executive Producer | Seumas Mactaggart |
Broadcasts
- Thu 1 Oct 202021:00
- Wed 7 Oct 202022:30
- Boxing Day 202022:00
- Mon 28 Dec 202022:00
- Thu 9 Dec 202121:00
- Wed 15 Dec 202123:00
- Wed 7 Dec 202221:00
- Mon 12 Dec 202222:30
- Wed 15 Nov 202321:00
- Mon 20 Nov 202322:40
- Tue 29 Oct 202421:00
- Sun 3 Nov 202421:00
- Wed 21 May 202521:00
- Mon 26 May 202523:00