
29/09/2020
Lèirmheas air prògram a BhBC Freddie Flintoff: Living with Bulimia. Review of the BBC programme Freddie Flintoff: Living with Bulimia.
Tha Andrew Flintoff , a bha ainmeil na là airson cluich criogaid do Shasainn aig ìre eadar-nàiseanta, air aideachadh air prògram sònraichte air a' BhBC gu robh e fad bhliadhnaichean a’ fulang leis an tinneas bulimia. Gheibh sinn beachd bho dhithis air a' phrògram , an saidhg-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid agus Deark MacAoidh a tha gu mòr a leanntainn criogaid.
Nochd fiolm ùr Enola Holmes, mu phiuthair Sherlock Holmes, air Netflix aig an deireadh sheachdain. Airson aire dhaoine a tharraing chun a' fiolm chur Netflix ìomhaighean de cheathrar bhoireannach nan seasamh ri taobh iomhaighean de nam bràithrean ainmeil aca airson aire a tharraing gu comasan agus tàlantan nam boireannaich fhèin. Tha Màiri NicRath air a bhith a' rannsachadh eachdraidh beatha Frances Dickens, Mary Hardy, Bana-Phrionnsa Helena Victoria agus Maria Anna Mozart.
Tha Aonghas Pàdruig Caimbeul a'toirt sùil air dè a bha a' dol air an t-seachdain seo ann an eachdraidh.
Agus 's e Màrtainn MacGriogair a tha a' taghadh Dàn a‘ Là - A Phaidirean do Dhùsg mo Dheur le Oighreag nighean Corcadal.
Last on
Clip
![]()
Dàn a' Là: Màrtainn MacGriogair
Duration: 05:49
Broadcasts
- Tue 29 Sep 202009:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Sep 202021:00BBC Radio nan Gàidheal
