
Uallach agus toileachas a' tilleadh dhan sgoil
Na draghan agus an toileachas mu dheidhinn a bhith a' tilleadh dhan sgoil. The concerns and delight at returning to school. bbc.co.uk/feasgar
Chaidh barrachd air seachd deug mile leanaibh tro dheuchainean Covid 19 air an t-seachdain 'sa chaidh agus sgoiltean air ais gu lathaichean àbhaisteach, ach le dòighean ùr. Cluinnidh sinn bho phàrantan mun na draghan aca fhèin agus na tha a' chlann ag ràdh riutha agus cuideachd mun toileachas a rinn iad a' tilleadh dhan sgoil.
Chan eil e furasta do dh’ òigridh taghadh dè nì iad nuair a thig e gu bhi fàgail na sgoile. Saoilidh sibh gu bheil barrachd chothroman ann na bha ann rìamh roimhe, ach is dòcha gu bheil sin ga fhàgail nas duilighe taghadh a dhèanamh. Ach ‘s iomadh duine nach do lean slighe dhìreach gu far am bheil iad an dràsta nan obair, "No wrong path" a th' aca air anns a' Bheurla. Tha Cathy a' còmhradh an-diugh ri Ramsay MacMahon.
Cluinnidh sinn cuideachd dè tha Fèis Dhùn Èideann a' tairgsinn air loidhne am bliadhna. Tha Eilidh Daniels air a bhith a' faighinn a-mach.
Agus innsidh Catrìona Labhruidh dhuinn mu na còig rudan as fheàrr leatha mu Mhuile far an deach a togail. bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
![]()
Tommy Ashby
Everywhere Is Home
![]()
Taylor Swift
Mirrorball
![]()
Leon
And It Breaks My Heart
![]()
Haim
Another Try
![]()
Hollow Coves
Evermore
Broadcast
- Mon 31 Aug 202012:30BBC Radio nan Gàidheal
