
Fèin-Aithne am Barcelona 2/2
A' leantainn air turas tro Bharcelona a' beachdachadh air fèin-aithne le Julie Anne NicChoinnich. Julie Anne MacKenzie and Coinneach Smith continue exploring identity in Barcelona.
Anns an t-sreath seo, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ bruidhinn mu fèin-aithne còmhla ri Gàidheil a tha a’ fuireach air taobh thall crìoch ùr an Aonaidh Eòrpaich bho dùthchannan an àraich. An-diugh tha e ann am Barcelona a-rithist còmhla ri Julie Anne NicChoinnich à Leòdhas.
Sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh tha strì eadar iadsan a tha airson neo-eisimeileachd fhaighinn do sgìre Chatalonia agus luchd-aonaidh na Spàinne air connspaid agus troimh-a-chèile poilitigeach adhbhrachadh sa Spàinn. Ach ciamar a tha muinntir Bharcelona – prìomh bhaile Chatalonia – a’ faireachdainn?
Sa phrògram sa tha Julie Anne gar toirt air cuairt gu na ceàrnagan far an robh còmhstri is ùpraid sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh: Plaça de Catalunya far am biodh na nàiseantaich Catalan a’ cruinneachadh agus Plaça d'Espanya far am biodh na nàiseantaich Spàinnteach a’ cruinneachadh. Tha Coinneach cuideachd a’ cluinntinn beachdan Catalanach, is ag ionnsachadh beagan mu mar a tha am baile brèagha seo air buaidh a thoirt air fèin-aithne Julie Anne.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 30 Jun 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 Jun 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Jul 202010:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 12 Dec 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Dec 202210:00BBC Radio nan Gàidheal