
Fèin-Aithne am Barcelona 1/2
Tha Julie Anne NicChoinnich a’ bruidhinn air fèin-aithne am Barcelona le Coinneach Mac a’ Ghobhainn. Julie Anne MacKenzie discusses identity in Barcelona with Coinneach Smith.
Dè bhuaidh a th’ aig a bhith a’ fuireach ann an dùthaich eile air d’ fhèin-aithne? A seo tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ tadhal air daoine air feadh na Roinn Eòrpa aig àm nuair a tha crìochan na Roinn Eòrpa air fàs nas caochlaidiche. An-diugh tha e ann am Barcelona sa Spàinn, prìomh bhaile sgìre Chatalonia.
Seo far a robh Julie Anne NicChoinnich a' fuireach airson faisg air trì bliadhna, ’s i aig an oilthigh agus a' teagaisg. Cò ris a tha Barcelona coltach dha ban-Leòdhasach – agus dè a beachd air na h-argamaidean mòra airson agus an aghaidh neo-eisimeileachd do Chatalonia?
Eadar margaidhean Catalan, cànain a bhaile, agus pàrlamaid sgìreil Chatalonia, tha ceistean agus beachdan gu leòr air an gabh cagnadh. Tha Julie Anne ag innse mu h-obair le foghlam dà-chànanach agus suidheachadh a chànain Chatalanaich; mar a tha caismeachdan sràide air a bhith cumanta sa bhaile do nàiseantaich Spàinnteach agus Catalan; agus a’ dèanamh coimeas eadar fèin-aithne nan daoine leis a bheil i air a bhith fuireach, agus an fhèin-aithne aice fhèin.
Last on
Broadcasts
- Tue 23 Jun 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 23 Jun 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Jun 202010:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 Dec 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Dec 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Dec 202210:00BBC Radio nan Gàidheal