
Prògram 2
A' chlann-nighean a' cumail smachd air Gillebrìde, gun trod ach le sgil is misneachd! How the girls control Gilbert, with lots of effort, skill and no arguments!
Chan eil sgioba rugbaidh mnathan Steòrnabhaigh air a bhith còmhla ach airson 3 bliadhna agus thairis air an ùine sin, tha iad air dùblachadh nan àireamh agus air na sgilean aca a leasachadh agus a leudachadh às dèidh gach gèam. An toiseach, 's e geamannan càirdeil a bhiodh iad a' cluiche, ach ann an 2019 thòisich iad a’ ghabhail pàirt ann an geamannan farpaiseach, ann an Cupa Sarah Beaney agus anns a' lìog, agus chaidh iad faisg air Murrayfield a ruighinn.
Anns a’ phrògram seo, coinnichidh sinn ri dithis eile bhon sgioba, Courtney NicIllÌosa agus Donna Mhoireasdan, an tè is sine anns an sgioba, agus iad le chèile ag innse cho tarraingeach 's a tha rugbaidh.
Mar a h-uile spòrs eile, tha tàmailt is briseadh dùil ann nuair nach eil cùisean a’ dol leotha. Ach dhan an sgioba seo, tha iad ag ionnsachadh bho gach gèam a tha iad a’ cluich. A’ coimhead air ais air mar a chaidh dhaibh ann an 2019, tha iad gu math misneachail a’ tòiseachadh seusan ùr agus cò aig a tha fios nach ann a' cluiche air pàirce Murrayfield a bhios Gillebrìde ‘s a chlann-nighean san ùine a tha romhainn!
Last on
Broadcasts
- Tue 25 Feb 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 25 Feb 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Mar 202010:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 12 Oct 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 Oct 202100:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Oct 202110:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 14 Apr 202219:30BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 15 Apr 202215:30BBC Radio nan Gàidheal