Main content
Sorry, this episode is not currently available

A' chlann-nighean a' cumail smachd air Gillebrìde, gun trod ach le sgil is misneachd! How the girls control Gilbert with lots of effort, skill and no quarrelling!

Dòchas, misneach, àite airson a h-uile duine air a phàirce, ‘s chan eil aois neo meud dol a chur bacadh ort! Dè an còrr a dh’iarradh tu, ach a dhol còmhla ri Gillebrìde ‘s a chlann nighean. Cò th’ann an Gillebrìde? Uill, mar Ghàidheil chan eil sinn a’ cluinntinn an ainm ro thric na làithean sa agus nuair a chluinneas, bithear an dùil gun cluinn sinn òran neo dàn air choireigin aig fear MacIlleMhaoil! Chan aithne dha Angela NicFhionghuin gu seinn an Gillebrìde tha sa phrògram seo, ach tha aon rud cinnteach, bheir e air an luchd-taic agus na cluicheadairean air a' phàirce seinn - sin ma bhios e a' gabhail comhairle agus ma bhios smachd ceart ac' air.

Gillebrìde - sin am bàlla a bhios iad a' cleachdadh air pàirce rugbaidh, am bàlla a chruthaich fear Uilleam Gilbert cho fada air ais ri toiseach an naoidheamh linn deug. A' chlann-nighean - clann-nighean Sgioba Rugbaidh Mnathan Steòrnabhaigh. Buidheann chaileagan a thàinig còmhla an toiseach mu thrì bliadhna air ais, gun fiù ’s fios aig cuid aca dè a dhèanadh iad le Gillebrìde nuair a nochd iad an toiseach, ach cha robh fada gus an robh iad air an tàladh thuige seachdain às dèidh seachdain. An-diugh tha iad nan sgioba misneachail, a’ fàs nas làidire gach seachdain agus a dùblachadh nan àireamhan thairis air a' bhliadhna mu dheireadh. Chan e sin a-mhain, chan e dìreach geamannan càirdeil a tha fainear dhaibh a-nise, ach farpaisean is lìog rugbaidh.

30 minutes

Last on

Fri 8 Apr 202215:30

Broadcasts

  • Tue 18 Feb 202012:00
  • Tue 18 Feb 202022:00
  • Sun 23 Feb 202010:00
  • Tue 5 Oct 202112:00
  • Tue 5 Oct 202122:00
  • Sun 10 Oct 202110:00
  • Thu 7 Apr 202219:30
  • Fri 8 Apr 202215:30