Last on
Ìrean àrd de naidhtreoidsean sna Tìrean Ìosal

Tha ìrean àrd de naidhtreoidsean sna Tìrean Ìosal a' toirt buaidh air an àrainneachd. A-nis tha cùirt air co-dhùnadh gum feumar an lùghdachadh. Mar a tha Andreas Wolff ag aithris 's iad beathaichean-àiteachais as motha a tha a' cur ris an trioblaid agus cuid a' moladh gum bu chòir an àireamh dhiubh a ghearradh na dhà leth. A thuilleadh air an seo, dh'fhaodadh gun toir truailleadh ceimigeach buaidh air diofar roinnean de bheatha phoblach na dùthcha. Tha tuathanaich mì-thoilichte agus iad air prìomh-bhaile na dùthcha, Den Haag, a thachdadh le tractaran mar-thà is iad a' togail fianais. Tha iad a' faireachdainn gum bi iad air an leigeil sìos. Ach thuirt ministear an àiteachais, Carola Schouten, nach robh an riaghaltas a' coimhead ri àireamhan stuic a ghearradh na leth.
High levels of nitrogen in the Netherlands

Broadcasts
- Thu 30 Jan 202020:30
- Sat 1 Feb 202023:00
- Sun 2 Feb 202020:00
Podcast
![]()
Eòrpa
Gaelic current affairs reporting on political, social and cultural issues across Europe


