
Am bu chòir Sagartan cead fhaighinn pòsadh
Tha an Eaglais Chaitlgeach a' deasbad am bu chòir cead a thoirt do shagartean pòsadh. The Catholic Church is currently debating celibacy in the priesthood. bbc.co.uk/coinneach
Mìnichidh Andreas Wolff an deasbad a tha a' dol anns an Eaglais Chaitligeach an dràsta, am bu chòir cead a thoirt do Shagartan pòsadh.
Chaochail Sultan Qaboos bin Saidan, Sultanachd Omàn, an t-seachdain ‘sa chaidh. Gheibh sinn eachdraidh a bheatha bho Iain Mac a' Phearsain agus innsidh e mun a’ bhuaidh a thug e air Omàn thar na leth-cheud bliadhna a bha e a' riaghladh na dùthcha.
Tha iomairt a' dol an dràsta gus stad a chuir air obair leasachaidh agus obair leudachaidh air rathad an A9 a tha gu bhith a' dol troimh làrach blàr Choille Chnagaidh. Tha cuid dhen bheachd gur e cùis mhaslaidh a th’ann leigeil leis an obair seo a dhol air adhart aig àite a tha cho ainmeil ann an eachdraidh na dùthcha. Tha an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ‘a cuir nar cuimhne co mu dheidhinn a bha Blàr Choille Chnagaidh agus dè an dìleab a dh’ fhàg e.
Cuideachd cluinnidh sinn cuimhneachain air a bhith a' dol dhan an sgoil ann an droch aimsir. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 15 Jan 202009:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 15 Jan 202021:00BBC Radio nan Gàidheal