
Cuimhneachain air an t-sreath telebhisean Castaway 2000
Cuimhneachain air an t-sreath telebhisean Castaway 2000. Memories of the television series Castaway 2000. bbc.co.uk/coinneach
Tha fichead bliadhna ann bhon a chaidh deich duine thar fhichead fhàgail air eilean Tharasaigh anns Na Hearadh airson an t-sreath telebhisean Castaway 2000. B 'e iomairt shòisealta a bh 'ann ach cuideachd b 'e seo toiseach programan fìorachd a-nochd air sgàileanan ann am Breatann. Thug e cliù do dhaoine mar Ben Fogle ach cuideachd chaidh na h-eileanan a thaisbeanadh air feadh an t-saoghail agus bha an t-uamhas luchd-turais airson tadhal air eilean Castaway anns na bliadhnaichean a lean. Ach dè a’ bhuaidh a thug Castaway 2000 air na h-eileanan agus gu h-àraid Na Hearadh?
Tha planaichean ann gus an crodh feòil mairt ainmeil Aberdeen Angus a reic do Chasagstan gus am faod iad inbhe nam beathaichean a th' aca mu thràth a leasachadh. Gheibhear beachd bho Murdo Angus Macleòid, a bha aig aon àm ag obair thall ann an Casagstan agus Domhnall Moireasdan, a tha mion-eòlach air a’ chrodh.
Thèid leabhar ùr, 100 Dàn as Fheàrr Leinn, fhoillseachadh am bliadhna. Bidh an leabhar a’ toirt cruinn-còmhla measgachadh farsaing de bhàrdachd agus de dh’ òrain sa Ghàidhlig, ag aithneachadh gach diofar seòrsaichean sgrìobhaidh. Thèid na dàin a thaghadh leis na deasaichean, Pàdraig MacAoidh agus Jo NicDhòmhnaill, le taic bho Phanail Taghaidh agus roghainnean on mhòr-shluaigh. Innsidh Pàdraig agus Jo an tuilleadh mu dheidhinn an leabhar, na h-amasan a h-aca agus mar is urrainn do dhaoine pàirt a ghabhail anns an iomairt.
Agus tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air ais leis an t-sreath An t-seachdain Seo Ann An Eachdraidh. [email protected]
Last on
More episodes
Previous
Clip
![]()
Coinneach 080120
Duration: 11:26
Broadcasts
- Wed 8 Jan 202009:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Jan 202021:00BBC Radio nan Gàidheal
