
Cuairt mu thimcheall Westminster
Turas gu Westminster agus sùil air na h-àitichean ainmeil san sgìre. A wander round Westminster looking at the area's famous sites. bbc.co.uk/coinneach
Tha Coinneach ann an Westminster a-rithist an-diugh agus e a’ toirt sùil air cuid de na làraich as ainmeil an Lunnainn.
Na chuideachd aig Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte tha Torcuil Crichton, a tha ag innse cho dona is a tha staid an togalaich. An ceann dha na thrì bhliadhnaichean tha dùil gun gluais luchd-pàrlamaid gu togalach ùr fhad ’sa leanas obair càraidh air an lùchairt.
Tha Iain Alasdair Moireach a’ toirt Coinneach air cuairt sìos an rathad bhon Phàrlamaid – is iad a’ faicinn Horse Guards Parade, Roinn an Ionmhais agus Ceàrnag Naoimh Sheumais.
Agus ann am pìos bhon tasglann bho 2012, tha Stephen Blair is Tommy MacAsgaill ag innse mu àite eile san sgìre far a bheil na ceudan Ghàidheil air an tiodhlacadh – àite a tha an-diugh na raon cluiche sgoile. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 15 Aug 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 15 Aug 201921:00BBC Radio nan Gàidheal
