
Rodney – a chuir sgìr’ a’ Bhac air ghleus
Rodney MacCoinnich nach maireann, tidsear na obair latha agus stiùiriche chòisirean air an fhionnairidh. The late Rodney MacKenzie, daytime teacher and evening choirmaster.
Rugadh Rodney neo Rod (mar a b’ fheàrr leis fhèin a ghabhadh daoine air ) ann an Asainte ann an 1941 – b’ e an neach a b’ òige de theaghlach de chòignear. Bhàsaich a mhàthair ‘s gun e ach deich mìosan a dh’aois agus chaidh e fhèin agus dithis dha bhràithrean a chur ann an taigh dhìleachdain ann an Inbhir Nis oir bha an athair ag obair ann an Arcaibh ri linn a' chogaidh. Phòs athair a-rithist às dèidh a' chogaidh agus chaidh Rodney agus a bhràithrean air ais còmhla ris an teaghlach far an deach an togail an toiseach anns a’ Luirg agus an Loch an Inbhir. Anns an sgoil an sin sheall e ùidh mhòr ann an òrain Ghàidhlig agus seinn còisir agus bha e tric ri chluinntinn a’ gabhail pàirt aig Mòdan.
Nuair a dh’fhàs e na bu shine chùm e a’ dol le ùidh ann an òrain Ghàidhlig agus a’ seinn, agus bha e tric ri chluinntinn air an àrd-ùrlar a’ seinn mar phàirt de bhuidheann de cheathrar neo ann an còisir aig Mòdan agus cuirmean. Nuair a ghluais e a Leòdhas le obair mar neach-teagaisg anns na seachdadan thug e cothrom air leth do dh’ òigridh agus do dh’inbhich ann an sgìre a’ Bhac le bhith gam brosnachadh gu bhith gabhail pàirt ann an còisirean. Bha e fhèin aig aon àm na stiùiriche air trì còisirean anns an sgìre sin, Còisir Òg a’ Bhac, Còisir Loch a’ Tuath agus Còisir Sgìre a’ Bhac. Tha luchd–eòlais is buill bho na còisirean sin a’ cuimhneachadh air Rodney – am fear a chuir sgìr’ a’ Bhac air ghleus.
Last on
Broadcasts
- Tue 16 Jul 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 16 Jul 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Jul 201910:00BBC Radio nan Gàidheal
- New Year's Day 202020:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Jan 202010:30BBC Radio nan Gàidheal
