
Rapal aig Xponorth 2019
Prògram sònraichte air a chlàradh aig Fèis Xponorth ann an Inbhir Nis. A special show recorded at Xponorth 2019 in Inverness.
Bha sgioba Rapal air ais aig Fèis Xponorth am bliadhna ann an Inbhir Nis. Fèis agus co-labhairt mòr a bhios a' tachairt sa bhaile a h-uile bliadhna le còmhlain bho air feadh na dùthcha a' tighinn a' chluich ann agus iad a' coinneachadh ri còmhlain eile agus a' faighinn comhairle bho eòlaichean mun t-saoghail ciùil. Prògram sònraichte de Rapal a chaidh a chlàradh aig an fhèis le agallamhan le Dougie Bruce a thug cùmhnant-clàraidh dha Adele, Jamie Gilmour a bhios a' toirt comhairle do luchd-ciùil a thaobh a' ghnìomhachas ciùil agus Steve Farris a tha na eòlaiche ciùil a bhios a' lorg tàlant ùr do chompanaidhean clàraidh. Ceòl beò gu leòr ri chluinntinn cuideachd le seiseanan bho Moonlight Zoo, Broken Chanter, Swim School, Shears, Andy Williamson agus The Strives.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 10 Jul 201919:00BBC Radio nan Gàidheal
- Boxing Day 201919:00BBC Radio nan Gàidheal