
Rannsachadh mu shlàinte a' Chuain Shiar
Rannsachadh ùr mu shlàinte a' Chuain Shiar. Assessing the health of the Atlantic Ocean. bbc.co.uk/coinneach
Cluinnear mu rannsachadh ùr gus slàinte a' Chuain Siar a thomhas fo stiùir Oilthigh Dhùn Èideann. Tha am pròiseact eadar-nàiseanta iAtlantic ag amas air dè a’ bhuaidh a th’ aig atharrachadh na gnàth-shìde fiadh-bheatha agus lusan-mara uisgeachan a Chuain.
Mar phàirt den chuairt aca tro sgìre Bhàideanach agus Srath Spè, tha Coinneach agus Seumas Grannd a’ tadhal air fìor sheann eaglais faisg air baile Cheann na Creige. Se làrach sònraichte a th'ann le eachdraidh fhada a’ dol air ais gu àm nan Draoidhean agus sgeulachdan am pailteas co-cheangailte ris, mar a tha Seumas ag aithris.
Cuideachd tha Coinneach a' cluinntinn bho Ruairidh MacIlleathain mu Abaid Pluscarden, abaid a tha fhathast air a ruith le manaich chun an latha an-diugh.
Agus tha Bill Innes a' toirt an t-sreath mun sgeulachd beatha aige na phìleat thar iomadach bliadhna gu crìoch ‘se ag innse mu làithean òige air croit ann an Uibhist a' Deas. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 4 Jul 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 4 Jul 201921:00BBC Radio nan Gàidheal