
Beagan Spìosraidh nam Beatha
Sùil air ais agus sùil air adhart le luchd-leantainn na Spice Girls. Fans look forward to the upcoming tour and reminisce about the Spice Girls era.
Chur òigridh na naochadan fàilte mhòr air an naidheachd a nochd san t-Samhain 2018 nuair a chaidh innse gun robh na 'Caileagan Spìosraidh' a’ dol air chuairt a rithist! Bha an còmhlan de chaileagan nan rionnagan aig iomadach òganach aig an àm, 's ged nach do mhair na Spice Girls cho fada sin mar chòmhlan dh’fhàg iad ìomhaighean is cuimhneachain air leth às an dèidh. Nuair a nochd na tiogaidean airson cuirmean 2019 bha cuid den luchd-leantainn nan suidhe aig trì coimpiutairean a’ feuchainn ri tiogaidean fhaighinn. Gu fortanach fhuair iad na tiogaidean agus abair gun robh iad air an dòigh a’ siubhail gu ruige Murrayfield cuide ris na mìltean eile air an 8mh den Ògmhios.
Tha Angela NicFhionghuin a’ coinneachadh ri luchd-leantainn na Spice Girls anns a’ phrògram seo agus iad a’ meòrachadh air làithean an òige nuair a bha iad aig àrd ìre agus iad cuideachd a’ coimhead air adhart ri cuirm na bliadhna seo. Cha robh cuid ach naoi bliadhna a dh' aois nuair bha na Spice Girls aig an àirde agus ’s beag dùil a bh’ aca gun tigeadh an latha a chitheadh iad na rionnagan aca beò air an àrd-ùrlar.
Last on
Broadcasts
- Thu 13 Jun 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 13 Jun 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Jun 201909:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 31 Dec 201923:00BBC Radio nan Gàidheal
