
Nuair bha mi Òg
Sùil air an òran aig Màiri Mhòr a tha a' moladh an Eilein Sgitheanaich. A critique of Mary Macpherson's homage to her birthplace of the Isle of Skye.
Chan eil fios cinnteach cuin no càite an d' rugadh Màiri ach b' ann san Eilean Sgitheanach mun bhliadhna 1821, agus b' ann san eilean sin a chur i seachad làithean a h-òige. Phòs i greusaiche, Ìsaac Mac a' Phearsain, san t-Samhain 1847 agus bha co-dhiù sianar chloinne aca. Chaochail Ìsaac ann an 1871 agus thàinig air Màiri a dhol a dh'obair mar shearbhanta.
Ann an 1872, chaidh cur às a leth gun do ghoid i aodach bhon tè aig an robh i ag obair fhad 's a bha seirbheis an tòrraidh aice a' dol air adhart. Chaidh a chùis a dhearbhadh na h-aghaidh agus fhuair i binn dà fhichead latha as a' phrìosan. B' ann an dèidh seo a thòisich i ri òrain a dhèanamh, oir mar a dh'innis i fhèin: "S e na dh'fhuiling mi de thàmailt a thug mo bhàrdachd beò."
Sa phrògram cluinnidh sibh An t-Oll Dòmhnall Meek a' toirt cunntas air beatha Màiri agus e fhèin 's Iain Dòmhnallach, Ceana Chaimbeul, Donaidh Rothach, Art MacCarmaig, Anna Mhàrtainn agus Coinneach MacThòmais a' beachdachadh air a' bhàrdachd.
'S i Ceitidh Mhoireasdan a tha ag aithris na bàrdachd.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 4 Jun 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 4 Jun 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Jun 201910:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Mar 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Mar 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Mar 202110:00BBC Radio nan Gàidheal