
An Ataireachd Àrd
A' toirt sùil air an òran ainmeil aig Dòmhnall MacÌomhair à Uige Leòdhais mu ionndrainn.
A critique of the Donald MacIver's well-known song of the sea's evocation of longing.
Rugadh Dòmhnall MacÌomhair an Ìslibhig ann a' sgìre Ùig, Leòdhais, ann an 1857 agus ged a chuir e seachad a' chuid mhòr dhe latha an ceàrnaidhean eile an eilein tha e coltach nach do chaill e riamh còmhradh an Ùigich. Thug e dà bhliadhna a' teagasg ann an Sgoil Leumrabhaigh; às a' sin chaidh e gu ruige Breascleit far an robh e airson trì bliadhna deug. Thàinig e gu Sgoil Phabail, san Rubha, sa bhliadhna 1896 is thug e sia bliadhna fichead innte, dìreach gus na leig e dheth a dhreuchd sa bhliadhna 1922.
Tha e coltach gun robh e air leth dèidheil air iasgach agus gach cothrom a gheibheadh e bhiodh e a-mach le lìon no dorgh, no le slait. Mur biodh an aimsir freagarrach airson an eathair, chìte e air abhainn no air loch.
Choisinn e duaisean litreachais uair is uair aig a' Mhòd, ach chan eil teagamh nach e An Ataireachd Bhuan gràinne-mullaich na bàrdachd aige.
A' beachdachadh air an òran 's air an eachdraidh tha Iseabail NicAsgaill, Seonag NicDhòmhnaill, Beathag Mhoireasdan, Joni Bhochanan, Coinneach MacThòmais agus Donnie Rothach. Tha a' bhàrdachd air a leughadh le Iain MacNèill.
Cluinnidh sibh Iseabail NicAsgaill, Kitty Nicleòid, Karen NicMhathainn, Ceòlraidh Ghàidlig Ghlaschu, Catrìona Anna Nic-a-Phì agus Runrig a' seinn an òrain.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tue 21 May 201912:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 21 May 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 May 201910:00BBC Radio nan Gàidheal