
Maureen a Chicago
Al Capone, Teine Mòr 1871 agus Cloud Gate air fhaicinn tro shùilean Maureen Nicleòid ann a Chicago.
Maureen Macleod's guided tour of three of Chicago's main tourist venues.
Chicago - baile de chòrr air dhà gu leth millean duine air bruaichan Lake Michigan ann an Illinois, an treas baile as motha sna Stàitean Aonaichte agus an dàrna baile as motha air a bheil luchd-turais a' tadhal a thuilleadh air New York le faisg air 60,000,000 a tadhal air ann an 2018. 'S fhada bho bha Maureen Nicleòid ag iarraidh tadhal air agus nuair a fhuair i an cothrom am-bliadhna thug i leatha inneal-clàraidh airson innse dhuinne mu na chunnaic i.
Tha i dhar toirt gu trì àitichean inntinneach sa bhaile. An toiseach tha i dol gu Lincoln Park, far an deach seachdnar den North Side Gang a mharbhadh le gunnaichean ann a 1929 le amharas gu robh Al Capone am measg na bha air cùlaibh a' ghnothaich. Innsidh Maureen dhuinn mar a thachair. An uair sin tha i a' dèanamh air rud air a bheil The Bean aig muinntir a' bhaile ach air a bheil an t-ainm oifigeil Cloud Gate. 'S e ìomhaigh shnaighte iongantach a tha seo agus cluinnidh sinn mar a chòrd e gu mòr ri Maureen. Mu dheireadh tha i ag innse sgeulachd dhuilich Teine Mòr Chicago ann an 1871, mar a thachair e agus an sgrios a rinn e.
Last on
Broadcasts
- Mon 6 May 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 6 May 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 May 201913:00BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 201908:30BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Day 201921:30BBC Radio nan Gàidheal
