
An t-Urr. Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Gaelic service conducted by Rev Iain M MacDonald, Tarbert Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 3-5 air fonn Stornoway agus ‘s e Dòmhnall M Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Salm 119: 105-107 air fonn Moravia agus ‘s e Iain A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ùige an Eilein Sgiathanaich.
Salm 72: 17-18 air fonn Montrose agus ‘s e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige Leòdhais.
Leughadh: Salm 72
Ceann-teagaisg: Salm 72: 17-20
'S ann do sgìre Bheàrnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil sa sgìre sin mus deach e a bhaile mhòr Steòrnabhaigh son foghlam aig àrd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.
Rugadh is thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh air a' chroit.
Bha obair pàirt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon àm ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.
Dh'atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh agus bho thàinig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh airson a bhith na mhinistear.
Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain. Às dèidh trèanadh airson na ministrealachd chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh .
Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus bha e ann an sin gu 2015. Ghluais e an uairsin gu coitheanal an Tairbeart anns na Hearadh far a bheil e fhathast stèidhichte. Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill - an nighean a b' òige aig an Urr Alasdair Dòmhnallach (Alasdair Mhurdaig ) 's a bhean, Màiri - agus tha triùir chloinne aca.
Last on
An t-Urr Iain M Dòmhnallach

Broadcasts
- Sun 2 Dec 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 2 Dec 201821:00BBC Radio nan Gàidheal