
Cò bh’anns na Knights Templar?
Cò iad Ridirean an Teampaill no na Knights Templar, mar a b' fheàrr a dh’aithnichear iad?
Who were the Knights Templar? bbc.co.uk/coinneach
Eadar leabhar The Da Vinci Code agus leabhraichean eachdraidh, tha sinn uile air iomradh air choireigin a chluinntinn mu ridirean ainmeil an teampaill, na Knights Templar. Bho chionn ghoirid, chaidh uamh a lorg ann an Sasainn loma-làn suaicheantas agus comharran nan ridirean. Ach cò bh’ annta? Tha Coinneach a’ cluinntinn mun eachdraidh aca bho Ruairidh MacIlleathain, agus a’ gabhail sgrìob dhan tasglann son èisteachd air ais ri cuairt a ghabh e timcheall air Eaglais Roslinne son cluinntinn mun cheangal a bh’ aig an làrach sin ri na ridirean.
Cuideachd sa phrògram an-diugh, ro-shealladh air ’San Fhuil, prògram ùr mu chroitearan Dhreumasdal an Uibhist a’ Deas.
Agus dà fhichead bliadhna bho chùis uabhasach Jonestown, ann an Ameireaga a’ Deas, far an deach na ceudan a mharbhadh nuair a ghabh iad puinnsean. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 27 Nov 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Nov 201821:00BBC Radio nan Gàidheal