
An t-Urr Seumas MacÌomhair le seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh
An t-Urr Seumas MacÌomhair le seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh à Sgoil MhicNeacail. A special service for Remembrance Sunday recorded at the Nicolson Institute, Stornoway.
Seirbheis sònraichte a chaidh a chlàradh a-muigh aig Àrd-sgoil MhicNeacail airson Didòmhnaich Cuimhneachaidh. Os cionn na seirbheis bha an t-Urramach Seumas MacÌomhair agus mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh 2018 's iad òigridh na sgoile fhèin a ghabh pàirt anns an t-seirbhis.
A’ cluich na trombaid bha Rhys MacRisnidh agus Tom Blunt
A’ leughadh na bàrdachd bha Coinneach Mac a’ Ghobhainn agus Alasdair Ceanadach
A' toirt thugainn Ùrnaigh an Tighearna bha Lùc MacLeòid
Os cionn na seinn ann an Salm 107: 28-30 bha Samuel MacAoidh agus os cionn na seinn ann an Salm 72: 18-19 bha Rut NicAoidh.
A’ pìobaireachd bha Fionnlagh Widdup
A’ leughadh bha Ùisdean Reid, Donnchadh Shirkie, Calum MacIllFhinnein agus John Alasdair Bain.
A’ seinn Mìorbhail Gràis bha Còisir na Sgoile
Last on
Broadcasts
- Sun 11 Nov 201811:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Nov 201815:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Nov 201921:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Nov 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Nov 202321:00BBC Radio nan Gàidheal
