
Eilean Arainn
Tha Coinneach air chuairt timcheall Eilean Arainn. Kenny visits the enchanting Isle of Arran. bbc.co.uk/coinneach
Tha Coinneach ann an Eilean Arainn còmhla ris a' Chaiptean Ruairidh Moireach a bha uair na Sgiobair air an MV Glen Sannox.
Thathas a' gabhail cuairt gu taobh an ear an Eilean agus cuideachd gu Deas. Tha iad a' tadhal air iomadh àite nam measg Brodick, Sannaig agus Lamlash, air an robh an t-ainm Loch an Eilean aig aon àm.
A' coinneachadh riutha tha an t-Urramach Dòmhnall MacLeòid a tha air a bhith ann an Eilean Arainn a-nis airson seachd bliadhna deug. Agus ann an Sannaig tha iad a' bruidhinn ri Sheila Blain a tha a-nis a' teagasg Gàidhlig anns na bun-sgoiltean.
'S gan cuideachadh air an turas timcheall an eilean tha Alasdair Paul, a sgrìobh leabhar 'Arainn nam Beann' mu eachdraidh 's dualchas an eilein. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 7 Nov 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Nov 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 27 Sep 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 27 Sep 201923:00BBC Radio nan Gàidheal