Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghaidhean Ameireagaidh 2018

Ciamar a tha Ameireaganaich a’ faireachdainn mu dheidhinn an taghaidh? How are American citizens feeling about the mid-term elections? bbc.co.uk/coinneach

Bidh bhòtairean nan Stàitean Aonaichte an-diugh a’ taghadh riochdairean ùr son a’ Chòmhdhail aca. Ach ciamar a tha an duine àbhaisteach ann an Ameireagaidh a’ faireachdainn mu na taghaidhean? Tha Maureen NicLeòid an-dràsta a’ siubhal tro na Stàitean, is bheir ise beachd dha Coinneach air na th’ air a bhith aig daoine ri ràdh rithese air taobh thall a’ chuain.

Cuideachd air a’ phrògram an-diugh, pìos bho thasglann a’ phrògram mun mheatailt mercury, le Murchadh Peutan, Dòmhnall Moireach agus an Dr Iain Mac a’ Ghobhainn.

Cluinnidh Coinneach cuideachd mu na prògraman aig BBC Radio nan Gàidheal a bhios a’ comharrachadh 100 bliadhna bho thubaist na h-Iolaire. Cuideachd mar a thèid cuimhneachadh air deireadh a’ Chiad Chogaidh Latha na Sàbaid air Radio nan Gàidheal.

Agus cuimhneachain air a’ Highlands and Islands Film Guild, a thug filmichean gu coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd san fhicheadamh linn.

bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Tue 6 Nov 201821:00

Broadcasts

  • Tue 6 Nov 201809:00
  • Tue 6 Nov 201821:00