
Episode 222
Na Co-chòmhraigich a' dèanamh adhartas math agus a' Ghearmailt a' gabhail ri fosadh. The Allies see an end on the horizon as the German government agrees ceasefire conditions.
Air an 19mh den Dàmhair 1918 thàinig Batal Courtroi no an Dara Blàr dhen Bheilg gu ceann le buaidh fhurasta dha na Co-chòmhraigich. Ghabh feachdan na Beilg bailtean Zeebrugge agus Bruges air ais cuideachd. Ron ath latha, bha cladach na Beilg uile air ais fo smachd feachdan nan Co-chòmhraigeach. Chualas cuideachd gun robh Riaghaltas na Gearmailt air freagairt a thoirt dhan Cheann-suidhe Woodrow Wilson a’ gabhail ris na cùmhnantan a bha e air an cur mun coinneamh airson fosadh.
Agus bha aithris anns a’ Highland News mun phrìs a bha ri phàigheadh nan rachadh do ghlacadh a' cuideachadh prìosanaich cogaidh Gearmailteach. Chaidh casaid a thogail an aghaidh a’ gheamair Evan agus a bhean Ceit Fhrisealach gun robh iad air riaghailtean Dìon na Rìoghachd a bhriseadh le bhith a’ toirt bolla mine do shaighdear Gearmailteach a bha na phrìosanach san sgìre. Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill dè a' bhinn a chaidh a chuir orra.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 251018
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 25 Oct 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 26 Oct 201811:50BBC Radio nan Gàidheal
