
Episode 204
Ionnsaighean soirbheachail le na Co-chòmhragaich san Eadailt air an t-seachdain sa an 1918. Successful attacks were being carried out by the Allies in Italy this week in 1918.
Mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill, bha 17mh den Ògmhios 1918 fàbharach a-rithist dha na dùthchannan Co-chòmhraigeach san Eadailt. Chaidh aig na feachdan Eadailteach, Breatannach is Frangach air ionnsaighean soirbheachail a dheànamh ann an sgìrean Asiago agus Grappa a' ciallachadh nach b'urrainn dhan nàmhaid faighinn nas fhaide na an Abhainn Piave. Le taic a' tighinn às an adhar cuideachd bha e cha mhòr do-dheànta do shaighdearan na h-Ostair faighinn tarsainn air an abhainn. Thàinig brath bho chommandair nam Breatannach a thubahirt gun robh an nàmhaid a' fulang "call uabhasach" agus nach robh iad fhèin air na h-uidhir sin de shaighdearan a chall a dh'aindheoin cho cruaidh 's a bha an t-sabaid.
Ach chailleadh triùir à Ile an t-seachdain sa - Alasdair Watt, a rugadh ann am Port Sgioba, agus Dòmhnall MacDhùghaill, 's Dòmhnall Mac an t-Sagairt, a bhuineadh le chèile do Phort Ilean.
'S ged a bha a' ghaoth sna siùil aig na Co-chòmhraigich aig deireadh na seachdain bha na pàipearan-naidheachd fhathast a' toirt fa near am feum a bh' ann barrachd shaighdearan a thrusadh. Bha sanas san Ross-shire Journal ag òrdachadh fir aois 49, 50 's 51 iad fhèin a chur air adhart airson sgrùdadh medigeach.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 210618
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 21 Jun 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 22 Jun 201811:50BBC Radio nan Gàidheal
