
Episode 201
Gearain air Riaghladair a' Bhidhe agus Iomairt Blücher-Yorck dha chuir. Complaints about the Food Controller and Operation Blucher-Yorck is carried out by the Germans.
Bha iomraidhean anns an Highland News a' gearain air obair Riaghladair a' Bhidhe. Bha aon litir a' càineadh an t-seòrsa arain a bha ri fhaighinn sa cheann-a-tuath. Bha litir eile ann a' gearain air cho toinnte is a bha an ceisteachan a dh'fheumadh daoine a lìonadh airson leabhar rations fhaighinn. A rèir an sgrìobhaiche cha robh barrachd air deich neach às a' cheud ann an Siorrachd Rois a bha comasach air a lìonadh a-steach ceart.
Air 27mh den Chèitein chuir a' Ghearmailt air chois Iomairt Blücher-Yorck, an treas pàirt de Iomairt an Earraich, ann an sgìre Abhainn Aisne. Thòisich am blàr sa mhadainn leis a' Ghearmailt a' losgadh air na Co-chòmhragaich le còrr is 400 gunna-mòr. Bha na gunnachan a' cuimseachadh gu h-àraidh air Druim Chemin des Dames far an robh feachd Breatannach fon t-Seanalair Sir Alexander Hamilton-Gordon air an suidheachadh. Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill ciamar a chaidh am blàr.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 310518
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 31 May 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 1 Jun 201811:50BBC Radio nan Gàidheal
