
An t-Ollamh Ailean Mac an Tuairnear
Iain MacIlleMhìcheil le ceistean pearsanta do Ghàidheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well-known Gaels some personal questions.
Rugadh an t-Ollamh Ailean Mac an Tuairnear ann an Loch nam Madadh ach chaidh a thogail, an ìre mhath, anns na Hearadh. Cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1965 agus bha e ag obair na dhotair airson beagan bhliadhnaichean mus do chuir e roimhe, coltach ri a bhràithrean, a bhith na lannsair. Chaidh oideachadh ann am Poll a' Ghrùthain, an Lunnainn agus an Glaschu mus tàinig e gu Ospadal Dhùn Phàrlain ann am Fìobha, far an robh e ag obair gus an do leig e seachad an dreuchd sin ann an 2003.
Bha e a' faireachdainn aig an ìre sin dha bheatha gun robh còir aige barrachd ionnsachadh mu a chànan 's a dhualchas fhèin agus, mar sin, thill e gu foghlam is rinn e MSc agus PhD aig Roinn Cheiltis Oilthigh Dhùn Èideann. Bidh e an-diugh a' sgrìobhadh airson caochladh irisean agus tha e air seann taigh-tughaidh an teaghlaich MhicLeòid, Bheàrnaraigh ath-nuadhachadh.
Last on
Broadcasts
- Mon 21 May 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 21 May 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 May 201813:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 3 Jan 201908:30BBC Radio nan Gàidheal