
Ailig Greumach
Iain MacIlleMhìcheil le ceistean pearsanta do Ghàidheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well-known Gaels some personal questions.
Rugadh is thogadh Ailig Greumach ann am Borgh air taobh siar Eilean Leòdhais. Chaidh oideachadh ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh agus Oilthigh Dhùn Èideann far an do cheumnaich e le urram ann am fiosaigs. Rinn e a dhreuchd ann an cunntasachd agus tha e air a bhith a' tàmh ann an Inbhir Nis bho 1979. Tha e air a bhith an sàs ann an Comhairle Sgìreil Inbhir Nis agus ann an Comhairle na Gàidhealtachd thar iomadh bliadhna agus bha e na Phròbhaist bho 2012 gu 2015.
A bharrachd air na bhios e a' caitheamh de dh' ùine ann an riaghaltas ionadail, tha mòr-ùidh aige ann an cultar na Gàidhlig, coimpiutaireachd, eachdraidh agus ball-coise, gu h-àraidh Inverness Caley!
Anns an dàrna prògram den t-sreath, cluinnidh sinn dè an rud a b'fheumaile a dh'ionnsaich a phàrantan dha, dè an dreuchd a bha e airson a leantainn nuair a bha e a' fàs suas agus gheibh sinn a-mach cò an ceathrar a bheireadh esan gu dinnear?
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 7 May 201812:03BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 7 May 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 May 201813:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Jun 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 31 Dec 201811:30BBC Radio nan Gàidheal