Main content
This programme is not currently available

Fada bho Thìr an Eòlais

Iain MacIlleMhìcheil le sgeulachd call an Tuscania is an Otranto far chosta Ìle ann an 1918.
The story of American troop carriers Tuscania and Otranto sunk off Islay in 1918.

Thàinig àmhghar is bròn a’ Chiad Chogaidh gu stairsich muinntir Ìle ann an 1918 le dà thubaist mara uabhasach far chosta an eilein. Air a 5mh là den Ghearran chaillear còrr is dà cheud duine far an SS Tuscania. Ochd mìosan an dèidh sin, air an 6mh là den Dàmhair, chaidh còrr is ceithir cheud gu leth a chall far an HMS Otranto. B’ e Ameireaganaich a bh’ anns a’ mhòr-chuid dhiubh, air an t-slighe gu raointean-cogaidh na Frainge. Tha Iain MacIlleMhìcheil, a thogadh san Obha fo sgàil an tùr a chaidh a thogail le Crois Dheirg Ameireagaidh ann an 1920 mar chuimhneachan air na chaillear, a’ tilleadh a dh’Ìle gus faighinn a-mach mar a thathas a’ cuimhneachadh air agus a’ comharrachadh na chaillear fada bho thìr an eòlais bho chionn ceud bliadhna.

30 minutes

Last on

Sun 7 Oct 201809:30

Broadcasts

  • Thu 3 May 201812:03
  • Thu 3 May 201822:10
  • Sun 6 May 201809:30
  • Thu 4 Oct 201812:00
  • Thu 4 Oct 201822:10
  • Sun 7 Oct 201809:30