
Episode 196
Am Morair Derby a' leigeil dheth a dhreuchd agus eachdraidh iongantach Iain Mac an Lèigh. Lord Derby resigns and we hear of John Macleay's death after four narrow escapes.
Air 20mh den Ghiblein, 1918, leig am Morair Derby, Ministeir na Stàit airson a' Chogaidh, dheth a dhreuchd. Chaidh àite a ghabhail le Viscount Alfred Milner. B' e am Morair Derby a stèidhich na "Pal's Battalions", a bha leigeil le fireannaich à sgìre shònraichte gabhail dhan arm còmhla agus sabaid còmhla san aon bhatàilian. Fhuair seo mòran taic an toiseach, ach, ri linn, chunnacas bailtean is sgìrean a' call am fir cha mhòr air fad aig Blàr an Somme ann an 1916. Bha Derby ainmeil cuideachd airson an Derby Scheme mar a dh'nnseas Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn.
Agus bha call-beatha eileanach aig muir an t-seachdain sa cuideachd. Air SS Llwyngwair chailleadh Iain Mac an Lèigh, mac Màiri Sheòrais "Sherridh" à Bail' an Truiseil ann a Leòdhas. Dh'innis Gazette Steòrnabhaigh an eachdraidh iongantach aig Iain mar a chluinneas sinn.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 260418
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 26 Apr 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 27 Apr 201811:50BBC Radio nan Gàidheal
