
Episode 194
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain sa 100 bliadhna air ais. The events of World War One, this week 100 years ago.
Bha bliadhna, air an 16mh den Ghiblean 1918, bho thàinig na Stàitean Aonaichte a-steach dhan Chogadh Mhòr air taobh na Co-chòmhraigich. Chuir an Rìgh teachdaireachd a dh'Ameireagaidh agus bhruidhinn an Ceann-suidhe Woodrow Wilson gu làidir an aghaidh na Gearmailt ann an òraid a thug e seachad ann am Baltimore san tubhairt e gur e neart agus neart a-mhàin a dhearbhadh an cogadh.
Agus rinn a' Ghearmailt oidhirp shònraichte na làithean s' gus feuchainn ri smachd fhaighinn air ais air an Aghaidh an Iar: air an 9mh hen Ghiblean thòisich Batail an Lys agus Éstaires far an deach Neuve Chapelle a ghabhail thairis. An lathairne-mhàireach thuit Messines agus air an aonamh latha deug ghabh feachdan Gearmailteach smachd air bailtean Armentières agus Merville.
Agus aig coinneamh ann an Steòrnabhagh thubhairt am Morair Leverhulme gun cuireadh e fhèin suas ri £20,000 not ris an iomairt nam failicheadh e air muinntir Leòdhais an £40,000 a bhathas a sùileachadh bhuapa a thogail.
Cluinnidh sinn an tuilleadh bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 120418
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 12 Apr 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 13 Apr 201811:50BBC Radio nan Gàidheal
