
Seanchas mu Bharraigh
Coinneach MacFhionghuin à Buaile nam Bodach le fìor sheann eachdraidh mu Bharraigh. Ken MacKinnon brings us a selection of historical accounts relating to Barra.
Tha ùidh mhòr aig Coinneach MacFhionghuin, Coinneach Fhearchair Mhìcheil Phàdraig Chaluim 'ic Ruaraidh Dhòmhnaill neo Ken na Hec à Buaile nam Bodach am Barraigh ann an seann eachdraidh an eilein agus a thuilleadh air a sin tha cuimhne mhath aige air na chual' e aig a mhàthair. Anns a' chòmhradh seo le Dòmhnall Camshron innsidh e dhuinn mu Chlachan Dubh Chlann Nèill - dusan clach uaghach a th' ann an Cille Bharra, sin Cladh Eòlaigearraidh; cluinnidh sinn cuideachd bhuaithe mu eachdraidh a theaghlach fhèin à Cinn t-Sàile agus mu carson a bhios muinntir Bharraigh 's Uibhist ag ràdh 'Slàinte Mhòr' nuair a bhios iad a' dèanamh deoch slàinte. Gheibh sinn cuideachd sgeulachd mu Ruaraidh an Tartair, fear de chinn-cinnidh Chlann 'ic Nèill agus tha Ken a' crìochnachadh le earrann de Dhuan na Ceàrdaich.
Last on
Broadcasts
- Thu 5 Apr 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Apr 201822:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Apr 201809:30BBC Radio nan Gàidheal