
Coinneach madainn Diardaoin
Cò a bhuannaicheas ann an aimhreit-malairt eadar na Stàitean agus Sìona? Who will win in the trade struggle between the USA and China? bbc.co.uk/coinneach.
Tha sinn air mòran a chluinntinn bho chionn ghoirid mun deasbad eadar Washington agus Beijing a thaobh malairt. Ach dè a th' air cùl seo agus cò a gheibh buannachd às?
Cuideachd tha Coinneach a' togail air na tha de mhuirt is de dh'fhòirneart ann an Lunnainn bho chionn ghoirid. Gheibh e aithris bhon tè-naidheachd Anna NicLeòid air na tha tachairt agus faighnichidh e do dhaoine anns a' bhaile dè cho sàbhailte 'sa tha Lunnainn an-diugh?
Tha leabhraichean cuideachd air a' chlàr-ghnothaich agus Coinneach a' faighneachd do thriùir dè na leabhraichean nach urrainn dhaibh a chrìochnachadh.
Agus gheibh sinn aithris cuideachd air na lorg Aonghas Dòmhnallach an tasglann aig a' phàipear naidheachd Courier Inbhir Nis san naoidheamh linn deug. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 5 Apr 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Apr 201821:13BBC Radio nan Gàidheal