
Conaltradh - Nan NicFhionghuin
Karen Elder a' toirt sùil air na clàraidhean òrain aig Nan NicFhionghuin. Archive recordings of Vatersay singer and storyteller Nan MacKinnon. With Karen Elder.
Ma tha thu a' lorg eachdraidh neo òran à Barraigh 's dòcha gur e an stiùireadh a b' fheàrr a gheibheadh tu a dhol dhan tasglann agus ainm Nan NicFhionghuin a lorg. Le còrr air mìle sgeulachd agus còrr air còig cheud òran, tha fhios gum biodh tu gu math riaraichte às dèidh do rannsachadh! Tha Karen Elder am measg ginealach an là an-diugh a bhios a' cur seachad ùine air làrach-lìn Thobar an Dualchais agus chan eil e na ioghnadh sam bith gur ann air ainm Nan a bhios i a' bruthadh gu math tric. Anns a' phrògram seo tha Karen a' toirt thugainn taghadh à tasglann a' BhBC agus à clàraidhean a rinn Tormod Dòmhnallach còmhla ri Nan ann an 1975. Tha òrain is sgeulachdan aice ann am pailteas anns an leth-uair seo.
Last on
Broadcasts
- Thu 29 Mar 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 29 Mar 201822:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Apr 201809:30BBC Radio nan Gàidheal